31
’S e dùthaich ioma-chànanach a tha ann an Alba an-diugh.
27 years, 9 months
1
Tha a’ Ghàidhlig, Albais agus Beurla, còmhla ri cànain Eòrpach agus eile a tha nise san dùthaich, uile a’ toirt buaidh air mar a tha sluagh Alba a’ bruidhinn ri chèile agus ris a’ chòrr dhen t-saoghal. Chaidh an t-aonad seo - a tha ri fhaotainn an Gàidhlig agus am Beurla - a chruthachadh le misneachadh bho Bhòrd na Gàidhlig agus le taic bhon a’ BhBC. Tha e na ghoireas do dhuine sam bith aig a bheil ùidh phearsanta no phroifeiseanta ann a bhith a’ cur ris an eòlas agus an tuigse a tha aca air eachdraidh agus buaidh na Gàidhlig agus cultar nan Gàidheal air Alba. Is mathaid gum bi pàirt dheth na iongnadh, pàirt na dhùbhlan. Tha beachdan agus ceangalan ann a threòraicheas neach gu tuilleadh fiosrachaidh. Do chuid, ’s dòcha gum bi seo na thoiseach tòiseachaidh air cànan a tha bunaiteach a thaobh dearbh-aithne nàiseanta na h-Alba ionnsachadh.
Course learning outcomes
After studying this course, you should be able to:
- an t-àite a tha aig a’ Ghàidhlig ri taobh Albais agus Beurla mar aon de chànain nàiseanta na h-Alba
- bun-tùsan na Gàidhlig mar chànan Ceilteach le dlùth chàirdeas ri Gàidhlig na h-Èireann agus Gàidhlig Eilean Mhanainn agus sgapadh nan Gàidheal
- cò a tha a’ bruidhinn Gàidhlig an-diugh, mar a chrìon àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig an Alba agus an obair a tha an Riaghaltas, ionadan foghlam agus buidhnean neo-eisimeileach a’ dèanamh gus taic a thoirt dhan chànan agus fàs a thoirt air àireamhan luchd-labhairt
- mar a tha a’ Ghàidhlig agus cultar nan Gàidheal a’ cur ri beatha na h-Alba a thaobh litreachas, ealain, ceòl, dannsa agus spòrs is cur-seachadan
- ceistean cumanta mun Ghàidhlig.
Course Currilcum
- Cànan nan Gàidheal (Gaelic language) Unlimited