0

(

ratings

)

56

students

Created by:

Profile Photo

Last updated:

April 8, 2022

Duration:

Unlimited Duration

FREE

This course includes:

Unlimited Duration

Badge on Completion

Certificate of completion

Unlimited Duration

Description

’S e dùthaich ioma-chànanach a tha ann an Alba an-diugh. Tha a’ Ghàidhlig, Albais agus Beurla, còmhla ri cànain Eòrpach agus eile a tha nise san dùthaich, uile a’ toirt buaidh air mar a tha sluagh Alba a’ bruidhinn ri chèile agus ris a’ chòrr dhen t-saoghal. Chaidh an t-aonad seo - a tha ri fhaotainn an Gàidhlig agus am Beurla - a chruthachadh le misneachadh bho Bhòrd na Gàidhlig agus le taic bhon a’ BhBC. Tha e na ghoireas do dhuine sam bith aig a bheil ùidh phearsanta no phroifeiseanta ann a bhith a’ cur ris an eòlas agus an tuigse a tha aca air eachdraidh agus buaidh na Gàidhlig agus cultar nan Gàidheal air Alba. Is mathaid gum bi pàirt dheth na iongnadh, pàirt na dhùbhlan. Tha beachdan agus ceangalan ann a threòraicheas neach gu tuilleadh fiosrachaidh. Do chuid, ’s dòcha gum bi seo na thoiseach tòiseachaidh air cànan a tha bunaiteach a thaobh dearbh-aithne nàiseanta na h-Alba ionnsachadh.

Ro-ràdh

’S e dùthaich ioma-chànanach a tha ann an Alba an-diugh. Tha a’ Ghàidhlig, Albais agus Beurla, còmhla ri cànain Eòrpach agus eile a tha nise san dùthaich, uile a’ toirt buaidh air mar a tha sluagh Alba a’ bruidhinn ri chèile agus ris a’ chòrr dhen t-saoghal. Chaidh an t-aonad seo - a tha ri fhaotainn an Gàidhlig agus am Beurla - a chruthachadh le misneachadh bho Bhòrd na Gàidhlig agus le taic bhon a’ BhBC. Tha e na ghoireas do dhuine sam bith aig a bheil ùidh phearsanta no phroifeiseanta ann a bhith a’ cur ris an eòlas agus an tuigse a tha aca air eachdraidh agus buaidh na Gàidhlig agus cultar nan Gàidheal air Alba. Is mathaid gum bi pàirt dheth na iongnadh, pàirt na dhùbhlan. Tha beachdan agus ceangalan ann a threòraicheas neach gu tuilleadh fiosrachaidh. Do chuid, ’s dòcha gum bi seo na thoiseach tòiseachaidh air cànan a tha bunaiteach a thaobh dearbh-aithne nàiseanta na h-Alba ionnsachadh. Tha seachd earrainnean san aonad, agus faodar dèiligeadh riutha mar a tha iad a’ tighinn no an òrdugh sam bith. Tha an t-aonad seo cuideachd ri fhaotainn air àrainn OpenLearn Works, far am faod sibh a luchdachadh a-nuas, ur dreach fhèin a chur air na stuthan agus an cleachdadh airson teagasg no a chum leasachadh a thoirt air eòlas luchd-obrach.

Clàr-innse

  1. A’ Ghàidhlig mar chànan nàiseanta ann an Alba
    • Seo far an ionnsaich thu mun àite a tha aig a’ Ghàidhlig ri taobh Albais agus Beurla mar aon de chànain nàiseanta na h-Alba. Mar eisimpleir, le rannsachadh a dhèanamh air ainmean-àite dh’ionnsaichidh tu mun bhuaidh a tha aig a’ Ghàidhlig thairis air Alba cha mhòr air fad.
  2. Bun-tùsan Ceilteach agus sgaoileadh eadar-nàiseanta
    • Bheir an earrainn seo dhut tuigse air bun-tùsan na Gàidhlig mar chànan Ceilteach le dlùth chàirdeas ri Gàidhlig na h-Èireann agus Gàidhlig Eilean Mhanainn. Cluinnidh tu agus chì thu mar a thug eilthirich a’ Ghàidhlig gu ruige Ameireaga a Tuath agus mar a tha daoine air feadh an t-saoghail a-nise ag ionnsachadh Gàidhlig.
  3. A’ Ghàidhlig san latha an-diugh
    • Bheir an earrainn seo dhut dealbh air cò a tha a’ bruidhinn Gàidhlig an-diugh. Cuidichidh e thu gus tuigse fhaighinn air na h-adhbharan a chrìon àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig an Alba agus an obair a tha an Riaghaltas, ionadan foghlam agus buidhnean neo-eisimeileach a’ dèanamh gus taic a thoirt dhan chànan agus fàs a thoirt air àireamhan luchd-labhairt.
  4. A’ Ghàidhlig – feallsanachd
    • Tha an earrainn seo ag iarraidh ort beachdachadh air an luach a tha aig dà-chànanas agus ioma-cànanas do dhaoine fa leth agus don chomann-sòisealta. Tha Sealan Nuadh na dheagh eisimpleir air mar a tha dùthchannan eile a’ strì gus dìon a chur air am mion-chànain agus gu bhith subhach mu na tha iad a’ cur ri beatha na dùthcha.
  5. Mar a tha a’ Ghàidhlig ag obair
    • Cluinn mar a tha a’ Ghàidhlig air a fuaimneachadh agus faigh blasad air litreachadh agus grammar.
  6. Cultar nan Gàidheal: maoin nàiseanta
    • Dealbhan, dealbhan beò agus mòran cheangalan gus do chuideachadh a’ tuigsinn mar a tha a’ Ghàidhlig agus cultar nan Gàidheal a’ cur ri beatha na h-Alba a thaobh litreachas, ealain, ceòl, dannsa agus spòrs is cur-seachadan.
  7. Ceistean Cumanta
    • Liosta de cheistean cumanta mun Ghàidhlig a bhios feumail do dhaoine a dh’fheumas freagairtean ann an cabhaig mu fìrinn agus figearan a thaobh na Gàidhlig.

Course learning outcomes

Ma chuireas tu crìoch air an aonad seo bu chòir gum biodh tu fiosrachail agus eòlach a thaobh:
  • An t-àite a tha aig a’ Ghàidhlig ri taobh Albais agus Beurla mar aon de chànain nàiseanta na h-Alba
  • Bun-tùsan na Gàidhlig mar chànan Ceilteach le dlùth chàirdeas ri Gàidhlig na h-Èireann agus Gàidhlig Eilean Mhanainn agus sgapadh nan Gàidheal
  • Cò a tha a’ bruidhinn Gàidhlig an-diugh, mar a chrìon àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig an Alba agus an obair a tha an Riaghaltas, ionadan foghlam agus buidhnean neo-eisimeileach a’ dèanamh gus taic a thoirt dhan chànan agus fàs a thoirt air àireamhan luchd-labhairt
  • Mar a tha a’ Ghàidhlig agus cultar nan Gàidheal a’ cur ri beatha na h-Alba a thaobh litreachas, ealain, ceòl, dannsa agus spòrs is cur-seachadan
  • Ceistean cumanta mun Ghàidhlig.

Course Curriculum

About the instructor

4.8 4.8

Instructor Rating

14

Reviews

1068

Courses

42460

Students

Profile Photo
Open University UK